kmtext@btinternet.com


A' cur às do bhacaidhean
Càit am biodh sinn às aonais cànan? Se aon de na rudan a th' againn uile le chèile, ach
se cuideach aon de na nithean a tha a' deanamh sgaradh eadarainn.

Bidh fo-thiotalan a' fosgladh saoghal chraobh-sgaoilidh do dhaoine bodhar agus
faodar
cuideach an cleachdadh mar thaic do luchd-ionnsachaidh chànain no an àite
d
ubhachadh fuaim air prògraman ann an cànain cèine.

Tha eadar-theangachadh agus eadar-mhìneachadh a' c
uideachadh le bhith a' briseadh
sìos sgaraidhean agus a' toirt daoine
bho dhiofar chultaran agus dhualchasan ri chèile.
Faodaidh buaidh a bhith aig eadar-theangachadh air soirbheachadh no fàillig
eadh ann
an suidheachadh cèin. Tha eadar-mhìneachadh ceart agus tuigseach riatanach ann an
dèiligeadh ri diofar choimhearsnachdan fiu's san aon dhùthaich.

Tha ath-sgrìobadh
a' ciallachadh aithris a' dèanamh air fuam a th' air a chlàradh agus a'
cuideachadh le bhith a' faighinn lorg air fiosrachadh a th' ann, ged a b'e litir air a
deachdadh, agallamh, no buidheann beachdachaidh a bhiodh ann. Tha e a'
seachnadh  
d
huilgheadasan a tha an cois diofar dhualchainntean a tha duilich do dh'fheadhainn
nach eil eòlach orra an tuigse agus tha e comasach air foillseachadh a dhèanamh air na
tha i
omadach neach ag ràdha aig an aon àm.

Tha KM Text ag amais air seirbhis cànain àrd-ìre a thoirt seachad aig cosgais a tha
cothromach
Beurla