Is mise Coinneach. 'S ann an Leòdhas anns na h-Eileanan an Iar a chaidh mo thogail. Thug
mi a-mach ceum ann am
meanbh bhith eòlas aig Oilthigh Ghlasch. A sin chaidh mi gu
Sabhal Mòr Ostaig anns an t-
Eilean Sgitheanach, far an d' thug mi a-mach dioploma for-
cheum ann an
craobh-sgaoileadh Gàidhlig. Chur mi seachad trì bliadhna às dèidh sin ag obair
a' dèanamh fo-thiotalan agus eadar-theangachadh do Chànan Eta, aonad taic airson na
meadhonan a chur Sabhal Mòr air bhonn airson cobhair a thoirt do chompanaidhean craobh-
sgaoilidh agus cruthachaidh
phrògraman ann an Alba. Ged a bha an t-eilean agus m' obair a
còrdadh rium, bha mi ag ionndrainn
a' bhaile mhòir agus ghluais mi gu Lunnainn far an do
chur mi seachad naoi bliadhna
ag obair dha ITFC Ltd, a' dèanamh fo-thiotalan airson ITV
agus companaidhean eile
.

As dèidh
dhomh an cothrom fhaighinn anabharr a ghabhail ann an 2004 rinn mi an-àirde m'
inntinn a dhol a dh' obair bhon taigh air mo cheann fhìn ann an Siorrachd Ath-an-Daimh.
Bhon uairsin, tha mi air obair a dhèanamh airson iomadh ceannaiche, a dèiligeadh ri fo-
thiotalan airson an craobh-sgaioleadh agus an cur air DVD.

Mar a tha a h-uile gnìomhachas, chan eil e ciallach a bhith an urra ri aon earrann de dh'obair.
Le sin, tha mi air tòiseachadh air obrai
chean eile mar deasachadh, ath-sgrìobhadh, taipeadh
agus ceartachadh – sgilean a bhithinn a' cleachdadh gach latha co-dhiù.


Mura bheil sibh a' faicinn an t-seirbhis a tha a dhith oirbh ga thabhann an seo, leig fios
thugam agus chì sinn dè a ghabhas a dhèanamh.
Mu m' dheidhinn
kmtext@btinternet.com
Beurla