Seirbhisean
Fo-thiotalan

Tha innealraidh fo-thiotalan Swift NL V4 agam a tha comasach air fo-thotalan a cur ri
chèile airson clàr DVD no airson an craobh-sgaoileadh agus a tha comasach air na cruthan
bhidio a leanas a chleachdadh: bhidio mpeg air a' chlaradh ann an cruth IPV, bhidio .avi
agus .wmv no claran mpeg eile le clàr-uair no timecode san dealbh. Faodar na fo-thiotalan a
libhrigeadh ann an diofar chruthan, mar eiseimpleir .stl agus .pac. Ma tha teip bhidio agaibh
a tha sibh ag iarraidh atharrachadh gu cruth mpeg, tha mi comasach air sin a dhèanamh
cuideach.

Ath-Sgriobhadh agus Taipeadh

'S urrainn dhomh ath-sgrìobabhadh a dhèanamh air teipichean fuiam agus air a mhòr-chuid
de ghnèidhean digsideach bho CD, DVD, post-dealan no bho làrach ftp. Faodar
faidhlichean bhidio ath-sgrìobhadh cuideach, 's le sin, ma tha sibh ag iarraidh aithris ath-
sgrìobhte le clàr-uair no timecode, cur fios thugam. Anns an aon dòigh ri fo-thiotalan, chan
eil a dhìth orm ach clàr bhidio le clàr-uair.


'Se meanbh bhith eòlas medigeach/ àrrainneachdail le bith-cemigeachd a thug mi a-mach
'san oilthigh, agus le sin cha bu chòir gum biodh duilgheadas sam bith ann a-thaobh cainnt
leighis no saidheans. Ged nach eil mi a-sàs ann tuilleadh, tha mi a' dèanamh oidhirp fios a
bhith agam de a tha a' dol ann fhathast.

Ma tha sibh ag iarraidh clàr-beatha no làmh-sgrìobhainn a thaipadh, cur fios thugam.

Tha mi gu math luath air taipeadh agus comasach air obair a dhèanamh ann an cabhaig gun
a dhol tuaicheal, 's le sin, ma tha cabhaig oirbh, cur fios thugam agus innsidh mi dhuibh de
cho luath 's a thèid agam air a dhèanamh.

Deasachadh agus Ceartachadh

Tha mi eòlach air a bhith a' deasachadh agus a' ceartachadh sgrìobhainnean de dhiofar
sheòrsa
ichean mus tèid an cur ann an clò. Tha mi an dràsta a' cuideachadh sgrìobhaiche le
bhith a' deasachadh iris a bhios ga fhoillseachadh an cois dannsa ballet a tha e air a
sgrìobhadh.

Eadar-theangachadh

'S e Gàidhlig mo chiad chànan agus tha mi air a bhith a' dèanamh eadar-theangachadh eadar
Beurla agus Gàidhlig airson iomadach bliadhna aig diofar ìrean. Tha mi air a bhith a-sàs ann
an diofar phròiseactan bho leabhraichean chloinne agus stuth airson fòghlam inbhich gu
aithisgean agus irisean an riaghaltais.


Gabhaidh obair a th'air a chriochnachadh a chur thugaibh ann an diofar dhòighean: ann an
clò, no ann an cruth Word tro phost-dealan, air clàr CD no air clàr bog.

Ma tha sibh ag iarraidh sgrìobhainn eadar-theangachadh gu cànan Breatannach eile no gu
cànan Eòrpach, bhiodh e furasta sin a chur air dòigh aig prìs cothromach.
kmtext@btinternet.com
Beurla